Printer Friendly

Suil Eile.

Byline: torcuil CRICHTON @torcuil

MA BHIOS sibh uair sam bith a' fulang leis a' chianalas, tinneas a tha a' fas nas miosa le bhith ag eisteachd ri orain bhronach, smaoinich co ris a bhiodh e coltach a bhith glaiste ann am Milton Keynes, na miltean de mhiltean od dhachaigh.

Bha eileanaich Chagos air am fuadach an Cuan Innseanach leis an riaghaltas againne anns na seachdadan agus sinne air aonta a ruighinn le na Staitean Aonaite airson base armachd ann an Diego Garcia.

'S e suidheachadh suarach, naireach a th' ann ann an eachdraidh Bhreatainn, a dh'fhaodadh a-nis a bhith a' tighinn gu crioch.

Tha Cuirt Eadarnaiseanta a' Cheartais air breitheanas a thoirt gum feum An Rioghachd Aonaichte na h-eileanan a thoirt air ais do Mharitius gus an eucoir colonaidheach a reiteachadh. Theid a' chuis a-nis dhan UN.

Bha 1500 eileanaich air an sgapadh gu aiteannan eile, cuid aca gu Sasainn far nach eil cothrom aig an t-sliochd aca, an treas ginealach de dh'fhogarraich, air saoranachd na duthcha seo.

Chan eil teagamh nach eil orain tursach aig na h-eileanaich sin, sa chanan Creole, agus beatha cho cruaidh air a bhith aca.

Latha breagha air choreigin, 's mathaid, gheibh iad air a dhol dhachaigh agus an cridheachan briste a charadh.

Translation on page 54

COPYRIGHT 2019 Scottish Daily Record & Sunday
No portion of this article can be reproduced without the express written permission from the copyright holder.
Copyright 2019 Gale, Cengage Learning. All rights reserved.

Article Details
Printer friendly Cite/link Email Feedback
Title Annotation:News; Opinion; Columns
Publication:Daily Record (Glasgow, Scotland)
Date:Mar 1, 2019
Words:212
Previous Article:Tory rising stars ready to step in after MP counts Costa.
Next Article:We live from minute to minute because of Anya's condition; TOT'S EPISODES OF STROKE-LIKE PARALYSIS Parents raise funds for cure research.

Terms of use | Privacy policy | Copyright © 2021 Farlex, Inc. | Feedback | For webmasters |