Printer Friendly

Suil Eile.

Byline: Torcuil Crichton THE HEART OF POLITICS follow @torcuil

'S IOMADH rud nach fhaic duine aig muir, gu h-araid air bord aiseag a' "Loch Seaforth" agus i loma-lan air oidhche Shathuirne aig toiseach laithean-saora na Caisge.

Cha do mhothaich mi do sgioba Chamanachd Leodhais gus an robh sinn a' tighinn dhith ann an Steornabhagh.

'S mathaid nach eil iad a' coimhead as an abhaist a-nis, ach bha an caman air a dhol a bith ann an Leodhas airson corr is ceud bliadhna.

A-reir an eolaiche spors, Roger Hutchinson, thainig ath-bheothachadh nuair a thainig an cluicheadair Boyd MacChoinnich a Loch Carrainn a Leodhas anns na naochadan.

As aonais gheamaichean iomain, thoisich e treanadh na h-oigridh ann an spors a tha nas sine na eachdraidh sgriobhte na h-Alba.

Seo a-nis an seachdamh seisean aig Camanachd Leodhais anns an lig.'S iad a tha gaisgeil, balaich an iomain agus iad a' leantainn duthchas le durachd.

Ach 's iad a bha samhach air a' bhata. Bha Inbhir Nis air a' chuis a dheanamh orra leis an t-slaic mu dheireadh dhen gheama. Mi-fhortanach, ach tha beagan de astar aig camanachd Leodhais ri dhol fhathast.

Translation on Page 53

COPYRIGHT 2017 Scottish Daily Record & Sunday
No portion of this article can be reproduced without the express written permission from the copyright holder.
Copyright 2017 Gale, Cengage Learning. All rights reserved.

Article Details
Printer friendly Cite/link Email Feedback
Publication:Daily Record (Glasgow, Scotland)
Date:Apr 14, 2017
Words:193
Previous Article:Go take a hike up here, PM.
Next Article:Stateside Nic doesn't deserve pelters.

Terms of use | Privacy policy | Copyright © 2018 Farlex, Inc. | Feedback | For webmasters