Printer Friendly

Suil Eile.

Byline: Torcuil Crichton THE HEART OF POLITICS follow @torcuil

GACH bliadhna mi bidh mi a' dol gu dinnear Latha na Taingealachd le caraidean Aimeireaganach ann am baile Lunnainn.

Nuair a tha gu leor cearc-Fhrangach agus fion air a dhol sios, bidh mi a' cur an cuimhne na cuideachd nach eil ach da aite air fhagail a tha a' comharrachadh an latha - Na Staitean agus Eilean Leodhais.

Tha Diardaoin mu dheireadh na Samhna fhathast air a ghleidheadh le seirbheasan adhraidh ann an eaglaisean Prostanach nan eilean. Sin an snaithlean tana eadar eachdraidh steidheachadh Aimeireaga agus an t-Ath-Leasachadh a thug dhuinne ar dualchas cuideachd. Am bliadhna bidh ceangal eile ri chomharrachadh - an ceann suidhe ur Leodhasach a tha gu bhith anns an Taigh Gheal.

A bharrachd air a bhith a' deanamh abhachdas air ('s tha mi fhin ciontach), feumaidh sinn obrachadh a-mach de an cairdeas a tha gu bhith eadar mac Leodhais agus tir a shinnsirean. Braturlar dearg neo fras fuar?

Tha a' chomhairle ionadail fhathast ri failte fhoirmeil a chur air an duine, ach thathar an duil gum feum iad a' chearc-Fhrangach a chnamh agus na ceanglan urachadh leis an oifis as cumhachdaiche san t-saoghal.

Translation on Page 63

COPYRIGHT 2016 Scottish Daily Record & Sunday
No portion of this article can be reproduced without the express written permission from the copyright holder.
Copyright 2016 Gale, Cengage Learning. All rights reserved.

 
Article Details
Printer friendly Cite/link Email Feedback
Title Annotation:Features
Publication:Daily Record (Glasgow, Scotland)
Date:Nov 25, 2016
Words:198
Previous Article:End of world as we know it.
Next Article:Remind you of anyone? Revealed:Thatcher had secret plot to abolish the NHS & the welfare state.

Terms of use | Privacy policy | Copyright © 2018 Farlex, Inc. | Feedback | For webmasters