Printer Friendly

Suil Eile.

A BHEIL sibh deiseil airson 'An Domhnall', mas e 's gur e a theid air adhart mar thagraiche nam Poblachdach airson Ceann-suidhe nan Staitean Aonaichte? Bho choinn goirid lorg aon dhe mo charaidean sanas posaidh mathair Dhomhnaill Trump, Mairi NicLeoid, sa phaipear ionadail. Sgeulachd breagha mu dheidhinn nighean a Leodhas a' posadh thall thairis.

Ach ma tha a mac a' dol faisg air an oifis as cumhachdaiche anns an t-saoghal, bidh fada a bharrachd sgrudadh air dachaigh a mhathar ann an eilean Leodhais.

Ma tha sibh a' smaoineachadh gun robh an sgudal a chraobhsgaoil Newsnight naireach, fuirich gun nochd na seanalan Aimearaganach, Gearmailteach, agus Astrailianach.

Bidh cairdean bochda Trump ann am baile Aird Thunga a-nis a dhith air stiuir bho eolaichean airson deiligeadh ri na meadhanan a bhios a' tighinn gun doras.

Tha e iongantach, seo a' chiad tagraiche airson a' Cheann-Suidhe le ceangal laidir ri Alba, agus tha e na chuis-naire.

Agus ma nochdas e fhein a-rithist, chan e an Clo Mor a bhitheas a dhith air ach cursa goirid air clachaireachd, is e cho deidheil air ballaichean a thogail.

Translation on Page 49

COPYRIGHT 2016 Scottish Daily Record & Sunday
No portion of this article can be reproduced without the express written permission from the copyright holder.
Copyright 2016 Gale, Cengage Learning. All rights reserved.

Article Details
Printer friendly Cite/link Email Feedback
Publication:Daily Record (Glasgow, Scotland)
Date:May 6, 2016
Words:185
Previous Article:Highlands can't escape Labour's spasm of hate; Torcuil Crichton THE HEART OF POLITICS follow @torcuil.
Next Article:Jail row shatters unity.

Terms of use | Privacy policy | Copyright © 2018 Farlex, Inc. | Feedback | For webmasters