Printer Friendly

Suil Eile.

Tha Ebola air nochdach ann an Alba, ach bha lan duil ris agus luchdobrach slainte, a tha gan cur fhein ann an cunnart mu choinneimh a' ghalair, a' tilleadh dhachaigh.

Aon neach Albannach, ach cuimhnich gu bheil fichead mile neach Afraganach leis a' ghalar.

Ach fiu 's anns an dorchadas aig an am seo dhen bhliadhna, feumaidh aotromas a bhith ann cuideachd.

Nuair a bha sinn a' bruidhinn air Ebola thairis air an Nollaig, thog cuideigin air an sgeulachd mun am a nochd naidheachd mu dheidhinn HIV/Aids an toiseach.

Bha e na chuspair aig a' bhuthbhana nuair a nochd a' cailleach a bha seo a bha an-comhnaidh a gearan mu dheidhinn a slainte.

Dh'fhaighnich i co air a bha iad a' bruidhinn? "Tha air a' ghalar ur seo, Aids," thuirt iad.

"Oh, ma tha cail a' dol, chan eil rian nach bi e ormsa," thuirt a' chailleach.

Tha an leithid de sgeulachd ri chluinntinn air Abhachdas nan Rubhach, air Radio nan Gaidheal a-nochd. Ni e feum dhuibh, ge be de an gearan a tha oirbh.

Bliadhna mhath ur dhuibh uile.

COPYRIGHT 2015 Scottish Daily Record & Sunday
No portion of this article can be reproduced without the express written permission from the copyright holder.
Copyright 2015 Gale, Cengage Learning. All rights reserved.

Article Details
Printer friendly Cite/link Email Feedback
Title Annotation:Features; Opinion Column
Publication:Daily Record (Glasgow, Scotland)
Date:Jan 1, 2015
Words:181
Previous Article:IN BED WITH EWAN; CLOSE UP SNEAK PEEK AT SCOTS STAR; Daughter takes intimate snaps of family life at the McGregors.
Next Article:New Year but same tough choices loom.

Terms of use | Privacy policy | Copyright © 2021 Farlex, Inc. | Feedback | For webmasters |