Printer Friendly

Suil Eile.

Byline: Torcuil Crichton THE HEART OF POLITICS follow @torcuil

BHA deagh cheist air a cur air Ed Miliband ann an agallamh an-de.

An robh e a' gabhail aithreachas nach do chuir na Labaraich taic ri gluasad airson ionnsaigh a thoirt air feachdan a' Chinn-suidhe Assad an-uiridh? Chan eil freagairt fhurasta ann idir.

Tha cogadh borb Shiria air a bhith a' dol tri bliadhna. Tha corr is 150,000 air am marbhadh, na milleanan nam fogarraich, agus armachd cheimigeach air a cleachdeach an aghaidh dhaoine abhaisteach. Mura biodh an luchd-naidheachd Breatannach, Anthony Loyd agus Jack Hill, a bh' air an cur fo bhruid agus a fhuair as beo, cha bhiodh an sgeulachd air na priomh duilleagan idir. Tha lamh an uachar aig Assad agus chan eil e soilleir am biodh ionnsaigh bhon Iar air diofar a dheanamh.

Tha e duilich do dhuthchannan an Iar lamh a ghabhail sa chogadh air eagal 's gur ann a' toirt cobhair do na buidhnean creidimh as cusaiche a bhiodh iad.

Co-dhiu, le taic on Ruis agus Iran, chan eil diu aig Assad de chanas duthchannan an Iar, no do bheatha nam miltean a chaidh a mharbhadh san duthaich aige.

Translation on Page 38
COPYRIGHT 2014 Scottish Daily Record & Sunday
No portion of this article can be reproduced without the express written permission from the copyright holder.
Copyright 2014 Gale, Cengage Learning. All rights reserved.

Article Details
Printer friendly Cite/link Email Feedback
Title Annotation:Features
Publication:Daily Record (Glasgow, Scotland)
Date:May 19, 2014
Words:198
Previous Article:EU gets my vote just for keeping the peace.
Next Article:Armed - and dangerous for cops' public relations.

Terms of use | Privacy policy | Copyright © 2019 Farlex, Inc. | Feedback | For webmasters