Printer Friendly

Suil Eile.

Nam biodh am pleana 'Maid of the Seas' air Heathrow fhagail aig an am a bu choir dhi, bhiodh spreadhadh Lockerbie air tachairt os cionn a' Chuain Shiair.

Bhiodh na cuirp air tighinn air tir air cladaichean nan Eileanan an Iar, mar a thainig ann an cogaidhean eile, agus cha bhiodh dearbhadh sam bith air na thachair.

Mar a bha, 's e baile beag Locherbie a dh'fhuiling, agus chan eil dearbhadh cinnteach fhathast co bu choireach ris an sgrios bho chionn coig ar fhichead bliadhna air ais.

Tha sgeulachd Lockerbie mar sheomar lan sgathanan agus sgaileanan. A h-uile taobh a thionndaidheas tu, tha cuisean ag atharrachadh.

Tha Megrahi marbh anns an talamh, tha na h-ughdarrasan fhathast a' coimhead ri Libya, gun ghuth air Ioran neo dioghaltas airson Iran Air 655, a bha air a sgrios leis an USS Vincennes sa Ghulf na bu thraithe san aon bhliadhna, le bas da cheud, ceithir fichead 's a deich neach.

Faodaidh gum faigh sinn an fhirinn mu Lockerbie latha air choreigin. Tha ar beatha lan rudan a dh'fhaodadh a bhith.

Translation on Page 36
COPYRIGHT 2013 Scottish Daily Record & Sunday
No portion of this article can be reproduced without the express written permission from the copyright holder.
Copyright 2013 Gale, Cengage Learning. All rights reserved.

Article Details
Printer friendly Cite/link Email Feedback
Publication:Daily Record (Glasgow, Scotland)
Date:Dec 23, 2013
Words:181
Previous Article:THE death of Abbas Khan [...].
Next Article:Politicians' presents with an eye to future.

Terms of use | Privacy policy | Copyright © 2021 Farlex, Inc. | Feedback | For webmasters |