Printer Friendly

GAELIC COLUMN ANGUS MACDONALD.

Tha torr dhaoine nise le cearcan, agus iad a' reic na h-uighean airson beagan stocair a dheanamh, agus a's a' mhor-chuid 's e uighean math a th'annta, mor agus buidheaganan le dath ceart. Bha uair agus bha cearcan aig a' mhor-chuid dhan a bha's a' bhaile, agus bha sheda-chearc aca laimh ris a' bhathach.

A' cheud chuimhne th'agam fhin, bha sheda-chearc air cul na bathaich agus sheda nan othaisgean ri taobh. Ann an te na cearc, bha spiris air an biodh na cearcan a' cadal, ciomar a bha'd a' faighinn air a sin a dheanamh gun tuiteam chaneil cail a dh'fhios agam. Bha bucas ann cuideachd, le connlach, no feur na bhroinn, a's am biodh iad a' breth nan uighean. Bha ugh puisteal a's a' bhucas mas fhior airson toirt air na cearcan cumail a' breth.

Bha fosgladh beag ann am bonn an doruis, le saitse (hatch) a bhiodh sinn a' fosgladh troimh'n a la, agus a' dunadh air an oidhche.

Bha saitse fiodh eile 's a' bhalla, mun uinneag gun ghloinne agus bhiodh sinn a' fosgladh 's a' dunadh sin gach la cuideachd. Eu-coltach ri baile eile bh'ann a fear dha na horain Ghaidhlig, bhiodh na cearcan a' faighinn a-mach a h-uile la dhan an t-seachduinn. Ach troimh'n a' gheamhradh nam biodh laithean fior dhona ann, bhiodh sin dha fagail a-stigh.

An toiseach bha raon aca muigh air cul an t-sheda - puist le freuma fiodh agus lion sgadan air a' sgaoileadh air airson deanamh cinnteach gun deadh an cuimhgealachadh ann am pios beag timichioll air a' bhathach fhein. Ach mar a chnamh a lion, chaidh cotthrom na Feine thoirt dhaibh air a lot gu leir.

Dh'fhag sin 'n uair a bhiodh an gur air feadhainn dha na cearcan gum biodh iad a' falach nan uighean ann a neadan mora a's a lot. Chuireadh tu umhail gu robh te dha na cearcan air chall, no 's tocha air falbh cho chach fad a la. Uaireanan chreachadh na faoileagan no staragan a nead. Uaireanan eile, fiughs ged a gheibheadh tu lorg air a nead, dh'fheumadh tu bhith uamhasach faicileach nach robh feadhainn dha na h-uighean air lobhadh a chionns nach robh a' chearc air a bhi na laithe orra fad na h-uine.

Bha coilich againn turus no dha, agus bha feadhainn aca fiathaich. Bhiodh iad a' ruith as mo dheidh fhin agus mo bhrathair nan deadh sin an arainn nan cearcan.

Bha e eagalach coimhead coileach na dheann ruith thugad agus na hitean air an amhaich aige an airde mun na colairean goireach a bhios iad a' cuir air na coin - canaidh tu gu bheil iad air an cinn a chuir an taobh cearr troimh sgailean lamp. Agus bha spuran biorach orra cuideachd, agus dheanadh tu dealbh gu math furusda na'd inntinn dhiabh dha do sgriobadh direach mar a bhiodh iad a' sgriobadh a's an duslach. Tha cuimhn' agam oidhche bhith feathamh ris a seann 'Loch Seaforth' a' tighinn a-steach agus bucas earagan a' tighinn dhachaidh dha mo mhathair. Bha dusan a's a' bhucas cardboard mun a robh barrachd.

Cha robh moran itean orra, ach cha b'fhada gun a dh'fhas iad, agus a' cheud uighean a' rug iad, bha da bhuidheagan annta. Bha torr obair annta, ceart gu leor, agus rinn uighean nam buitean a chuis orra, ged a tha daoine nise coimhead nach e pris a h-uile cail. Tha luach tharlabhart ann a saorsa Chriosd, agus is daor a chaidh a cheannachd, ach troimh ghras Dhe tha sinne dha fhaighinn an asgaidh.

COPYRIGHT 2019 NLA Access Media Limited
No portion of this article can be reproduced without the express written permission from the copyright holder.
Copyright 2019 Gale, Cengage Learning. All rights reserved.

Article Details
Printer friendly Cite/link Email Feedback
Title Annotation:Features
Publication:The Press and Journal (Aberdeen,Scotland)
Article Type:Column
Date:Aug 31, 2019
Words:582
Previous Article:DORIC COLUMN ROBBIE SHEPHERD; To contact Robbie, email yourlife@ajl.co.uk and mark your message FAO Robbie Shepherd.
Next Article:Stages are set for musical treats.

Terms of use | Privacy policy | Copyright © 2022 Farlex, Inc. | Feedback | For webmasters |