Printer Friendly

GAELIC COLUMN ANGUS MACDONALD.

De's coireach gu bheil coin cho dileas? Sin na coin ris a bheil sinne cleachdta co dhiubh - coin chaorach. Ceart gu leor faithnichidh an crodh agus na caoraich a starsaich aca fhein. Agus bhiodh an crodh a' tighinn dhachaidh a h-uile feasgair agus nam biodh an geata agus dorus na bathaich fosgailte, dheadh iad a-steach dhan a stalla, a' feathamh gun tigeadh cuid eigin dha'm bleoghann. Bha'n crodh a bh'againn solt agus furusd' deiligeadh riutha.

Bha na caoraich gle mhath air faithneachadh co leis a bha iad, agus caite a faigheadh iad am biadh, ach 'n uair a dheadh iad a-mach gun a' mhointich, cha robh guth air a sin agus bha'd cho fiathaich ri na feidh.

Ach bha na coin a bh'againn dileas. A' cheud chu air a bheil cuimhn' agam, 's e Prince. Bha e dubh, le calg fhada, molanan donn, donn mun a bheul agus bha dath donn sios na casan aige cuideachd.

Bhiodh m'athair ag radha 'n uair a fhuair e'n toiseach e, nach gabhadh e smachdachadh. Bha e deigheil air a bhith buachailleachd nan caorach ceart gu leor, ach cha dheanadh e sin a's an doigh a's a robh m'athair ag iarraidh. Bhiodh e ruith troimh mheadhon na treud agus dha scapadh.

Chaneil fhios agam ciomar a' smaoinich m'athair air a dheanamh, ach thug e'n cu leis gu faing Gharaboist la, a-muigh air a' mhointeach eadar an Ach agus Beinn a' Bhuna, agus 'n uair a thoisich iad a' cruinneachadh nan caorach, thoisich esain a' cuir air falbh a' choin. Aig toiseach na cuis cha robh'n cu a' deanamh cail ach a' scapadh abhaisteach. Bha daoine 'g eigheach ach co leis a bha'n amadan coin a bha siud. 'N uair a bha'n cu le anail na ochd, agus e gu leigeil roimhe, siud 's ann a thoisich e fas umhail. Bha e ro thaingeil laithe 'n uair a dheadh iarraidh air, agus bha e nas fhasa toirt air a thighinn an taobh seo 's an taobh ud eile.

Cha deach na bu mhiosa na sin dha, agus chum m'athair air as deidh sin, gus an deanadh e h-uile cail a dheadh iarraidh air.

Bha e cuideachd gu math foighidineach ruinne mar chlann, ach bu lugha air cait, agus tha eagal orm gun mharbh e cat no dha timichioll an tighe. Chaneil fhios agam, agus e fas aosd, a robh e dhan coimhead mar bheathaichean a bha bagart a chuir a-mach as an aite aige fhein. Bha e cheart cho naimhdeil ri coin a thigeadh faisg air an tigh.

Agus bha aon thurus ann agus bha caraid dha'm athair ag iarraidh iosad dhan a chu airson na caoraich a chruinneachadh. Thug e sios a Sheiseadar e. Ach an ath la bha'n cu a' feathamh aig an dorus cuil 'n uair a chaidh m'athair a-mach a's a' mhaduinn. Bha e air a shlighe fhein a dheanamh air ais dhachaidh - an ann tarsuing a' mhointich no suas a rathad chaneil fhios agam.

Tha coin chaorach a' nochdadh aon thurus a's a' Bhiobull ann a leabhar Iob, agus Iob a deanamh coimeas eadar a shuidheachadh na theinn agus mar a chleachd cuisean a bhith. Bha e'g radha gu robh uair ann far nach cuireadh e athraichean an fheadhainn a bha fanaid air a-nise, comhla ri na coin chaorach a bh'aige. Ach chunnaic mi ann a leabhar a' sgriobh Dughlas Mac a' Mhaoilein mu Sailm a' Bhuachaille iomradh air seann bhodach a dh'aithnicheadh e a bha deanamh dheth gu robh da chu chaorach aig Dia a's an t-sailm, Maith is Trocair.

COPYRIGHT 2019 NLA Access Media Limited
No portion of this article can be reproduced without the express written permission from the copyright holder.
Copyright 2019 Gale, Cengage Learning. All rights reserved.

Article Details
Printer friendly Cite/link Email Feedback
Title Annotation:Features
Publication:The Press and Journal (Aberdeen,Scotland)
Article Type:Column
Date:Aug 24, 2019
Words:591
Previous Article:NEW FICTION.
Next Article:DORIC COLUMN ROBBIE SHEPHERD; To contact Robbie, email yourlife@ajl.co.uk and mark your message FAO Robbie Shepherd.

Terms of use | Privacy policy | Copyright © 2022 Farlex, Inc. | Feedback | For webmasters |