Printer Friendly

GAELIC COLUMN ANGUS MACDONALD.

Tha na laithean direach crochaid eadar a samhradh agus a foghair. Bho chionn la no dha agus mi toirt a' cheud shuil a-mach air an uinneag a's a' mhaduinn, shaoil mi gu robh solus a la air atharrachadh. Tha'n aimsir air a bhith troimhe cheile ceart gu leor, le muill throm agus i dorch aig amanan, agus an uairsin socair, grianach teth. Ach as deidh na droch thide bh'ann deireadh na seachduinneach a chaidh, canaidh tu gu bheil neart an t-samhraidh a' toiseachadh a' sioladh.

Chaneil cail a choltas air na nithean a tha fas gu bheil sin mar sin, a chionns g'eil dath math air barran a h-uile cail, ged a tha cuid do bharran a' bhuntata briste as deidh a' ghaoth laidir a bh'ann dihaoine agus di-sathurn' a chaidh.

Tha'm biatas a' fas mun coille agus tha sinn air a bhith dha ithe nise airson da sheachduinn. Tha do dhuilleagan air na subhagan agus g'eil e duilich na dearcan a' lorg ged a tha'd a-nise nan cabhaig a' tionndadh dearg, deiseil airson an togail. Agus tha na courgettes a tha fas a-muigh fhathast bho bhlath agus a' cuir a-mach toradh a tha duilich cumail suas ris. Gu h-annasach, se'n aon rud a tha coimhead coltach ris gu bheil e toiseachadh a' dol seachad, an corc Innseanach. Tha sinn lethach slighe troimh'n a bh'agam an cuir, le cuideachadh bho theaghlach nighean mo phiuthar-ceile. Bha i fhein 's an duine agus an triuir chloinne air saorlaithean comhla ruinn. Tha'n dithis bheag, caraid - nighean agus balach - a' dol dhan a sgoil as deidh an t-samhraidh. Tha'm balach is sine dol dhan a' cheathramh bliadhna a's a' bhun-sgoil. Tha'd a' furachd a's a' bhaile mhor, agus bha e cordadh riutha bhith saor airson a bhith ruith 's a' ruagail a's a' chroit agus air traighean bho Nis gu na Hearadh.

Tha e iongantach cho beag 's a chumas clann air an doigh. Gainmheach is buirn, balla-coise no fiughs cuairt a-mach gun a loch a tha eadar sinn fhin agus Beinn Phabuil. Agus dhan a' bhalach beag, cha robh cail na b'fhearr nan cu. Bha esain a' deanamh dheth gum biodh an cu leis fhein, agus gu faodadh e thoirt air falbh comhla ris. Gu dearbha chunnaic mi dealbh dheth as deidh dha fagail agus cu chaorach beag a bha'd air a cheannachd ann am buth nan deideagan aige bho achlais.

Feumaidh mi radha gu robh an cu foighidneach dha rireabh agus iadsan dha ruith air feadh an tighe agus air feadh an iodhlainn. Bha'n cu a' toirt balla beag air ais a-rithist agus a-rithist gus an tilgeadh iad e dha, gus mu dheireadh bha anail na ochd agus a' theanga slaodadh ris mun teanga seann bhroig a bhiodh sinn uair eigin a' lorg ann an ocrach sgudail a' bhaile. Ach feumaidh mi radha, 'n uair a dh'fhalbh iad, thug e da la na shleidhtich ann an deifir oiseanan dhan an tigh leis a sgiths. Agus tha leasanan ann a sin dhuinn fhin. An toiseach dilseachd a' choin, dhuinn fhin, ach cuideachd do dhuine sam bith a thig a-steach fo na cabair. Mar is tric, mu thig strainnsear gun an dorus tha an cu a' comhfhurtaich, ach aon uair 's gu bheil iad a-stigh, tha e gabhail ris gur ann leinn fhin a tha iad. Agus an uairsin a' chlann. Tha Iosa ag radha, Leigibh do na leanaban teachd a'm ionnsuidh, agus na bacaibh iad: oir is ann d'an leithidean a tha rioghachd Dhe.

COPYRIGHT 2019 NLA Access Media Limited
No portion of this article can be reproduced without the express written permission from the copyright holder.
Copyright 2019 Gale, Cengage Learning. All rights reserved.

Article Details
Printer friendly Cite/link Email Feedback
Title Annotation:Features
Publication:The Press and Journal (Aberdeen,Scotland)
Article Type:Column
Date:Aug 17, 2019
Words:581
Previous Article:STAYING IN THE LAP OF LUXURY; Nicola Venning describes her dreamy stay at Sotogrande, destination of choice for celebs and royals.
Next Article:STEALING THE SCENE.

Terms of use | Privacy policy | Copyright © 2021 Farlex, Inc. | Feedback | For webmasters |