Printer Friendly

GAELIC COLUMN ANGUS MACDONALD.

Chuir mi da chraobh darach di-sathurn' a chaidh, no da fhiuran mas e sin a facal ceart airson craobhan a tha cho beag agus nach eil iad cail ach a' toiseachadh a' fas. Tha na dha aca mu throigh a dh'airde, le leth dusan duilleag, agus iad fhathast beag, maoth. Fhuair mi iad bho charaid air an Taobh Siar aig a bheil proiseact airson craobhan a tha dualach dhan an aite tha seo, no co dhiubh dhan a' Ghaidhealtachd, a thoirt air ais. Tha coltach gun d'thainig aon dhuirce (acorn) bho chraobh darach a's na Hearadh agus an t'eile bho chraobh ann an te do sgirean iomallach tir-mor.

Bha an da chraobh bheag gu math falainn a' coimhead a la fhuair mi iad, agus tha'd air fas sia oirlich ann a fasgadh agus blaths a chrub. Ach tha'n aimsir air a bhith cho blath agus baigheil agus gu robh mi dhan a bheachd gum bu choir dhomh an cuir a-muigh. Nise a's an doigh a's am bith na rudan sin a tachairt, tha sinn air toiseachadh a' cuir sreath chraobhan mu dheich slat a-mach bho chliathaich an ear a chrub. Bha sinn an comhnuidh ag iarraidh craobh beith a chionns gu robh te bhreagha againn uair eigin an Inbhirnis, le rusg geal agus duilleagan breagha uaine a-stamhradh. Bhithinn a' toirt suil ri cliathaich a rathaid agus sinn air an t-slighe fagail, no teannadh ri Ulapul, agus a' gabhail aithreachas nach robh mi air spaid a thoirt leam, agus fiuranan beithe gu math pailt. Bhitheadh an te bh'ann dha'm earalachadh gu robh sin mi-laghail, agus mu dheireadh cheannaich sinn te.

Tha i sin air seasamh ri aon gheamhradh, agus ged a fhuair i brod a scal bho'n a' ghaoth an earthuath, tha dara leth nan duilleagan oirre fhathast. Aig am na Nollaig, fhuair sinn craobh Nollaig bheag bhiodach ann an bucaid dearg airson inntinn na h-oghaichean a thogail. Bha'd ag radha gu robh na freumaichean fhathast oirre, ged a bha mi amharasach. Co dhiubh, chum sinn buirn rithe, agus chuir sinn an uairsin a-mach dhan a' chrub i gus an tigeadh beagan piseach air an aimsir. Chaidh aon dha na meanganan aice ruadh, agus bha mi'g radha rium fhin: "Tha thusa gu bhith mun a h-uile gin eile dha do sheorsa." Chuir mi i ann an toll mu dheich troighean bho'n a' chraobh beithe, gun dochas air a son. Bha freumaichean oirre ceart gu leor ach bha'd a' coimhead lethach marbh. Ach bho chionn mios ann a seo, thoisich duilleagan soilleir uaine tighinn air ceann a-muigh na meanganan - coltas cinnteach gu bheil a' chraobh beoth agus dha beathachadh fhein.

Chuir mi aon dha na craobhan darach mu dheich slat sios bho'n an te sin, agus chuir mi'n t'eile mach bho cheann a tuath a chrub. Direach fada gu leor bho'n an fhence gus nach ruig teanga crodh Uisdean orra. Ach ged is e craobhan cruaidh a th'annta, tha mi air crocaichean similear a chuir orra cuideachd, agus tha mi dol a dh'fhagail sin orra gu stearrach sa tighinn.

Bithidh mi uaireanan a' smaoineachadh air mun a tha doighean nan athraichean ri faicinn nan cuid chloinne, agus canaidh mi rud eigin ris a' chlann againn fhin agus tha mi cluinntinn mac-talla m'athair. Chuir m'athair craobhan timichioll an tighe bho chionn da fhichead bliadhna agus e'g radha rium gur mise chi-eadh iad a' tighinn gu ire. Chaneil fhios co chi na craobhan darach aig ire. Ach tha sin a lamhan Dealbhadair aig a robh fios bho thoiseach na cuis.

COPYRIGHT 2019 NLA Access Media Limited
No portion of this article can be reproduced without the express written permission from the copyright holder.
Copyright 2019 Gale, Cengage Learning. All rights reserved.

Article Details
Printer friendly Cite/link Email Feedback
Title Annotation:Features
Publication:The Press and Journal (Aberdeen,Scotland)
Article Type:Column
Date:Aug 3, 2019
Words:586
Previous Article:NEW FICTION.
Next Article:DORIC COLUMN ROBBIE SHEPHERD To contact Robbie, email yourlife@ajl.co.uk and mark your message FAO Robbie Shepherd; Should auld acquaintance be...

Terms of use | Privacy policy | Copyright © 2020 Farlex, Inc. | Feedback | For webmasters